Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
Buil 3
Buil 3: Tha am poball, coimhearsnachdan agus compàirtichean a’ dol an sàs agus a’ gabhail pàirt ann an obair-phoilis agus tha earbsa aca innte
Dùbhlain is cothroman
Tha am prionnsapal de obair phoilis le cead a’ phobaill bunaiteach do shuidheachadh sòisealta na h-Alba. Tha e na uallach moralta agus na dhleastanas laghail a bhith a’ toirt freagairt poilis cothromach, dìreach agus èifeachdach don huile duine. Tha e mar fhiachaibh obrachail a bhith a’ gleidheadh ’s a’ togail co-bhann deatamach na h-earbsa le coimhearsnachdan do bheil obair a’ phoilis a’ dleasadh a dlighe.
Feumaidh leasachaidhean ann an obair-phoilis agus teicneòlas san àm ri teachd conaltradh leantainneach a dhèanamh leis a’ phoball mu mar as urrainn dhaibh an co-chòrdadh ceart fhaighinn eadar prìobhaideachd agus dìon. Feumaidh na poilis a bhith ruigsinneach aig amannan feuma, fhad ’s a tha iad ag obair le com-pàirtichean gus aontachadh nuair nach e Poileas Alba a’ bhuidheann as freagarraiche airson freagairt.
Dùbhlain an latha an-diugh
Atharrachaidhean sa chomann-shòisealta agus teicneòlasan ùra a’ cur a’ chochòrdaidh eadar prìobhaideachd is dìon fo dheuchainn
Chan eil seirbheisean an-còmhnaidh ruigsinneach agus chan eil iad làn aonaichte ri com-pàirtichean. Tha leasachadh didseatach na chunnart agus na chothrom do lìbhrigeadh seirbheis
Chan eil coimhearsnachdan an-còmhnaidh a’ faighinn na taic cheart bhon bhuidhinn as fhreagarraich
Obair-phoilis san àm ri teachd
Tha earbsa fhathast aig a’ phoball, com-pàirtichean agus coimhearsnachdan ann an seirbheis Poileas Alba
Tha sàbhailteachd is sunnd gan cur am meud tro sheirbheisean leantaileach, aig a bheil comas didseatach
Ag obair le daoine eile gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh
Gus a’ bhuil seo a choileanadh, bidh Poileas Alba:
A’ freumhachadh nan cùisean beusalachd agus prìobhaideachd a tha riatanach ann an obair phoilis agus dìon anns gach taobh den t-seirbheis
A’ dìon a’ phobaill agus ag adhartachadh sunnd air feadh na h-Alba le bhith a’ toirt seachad seirbheisean a tha buntainneach, ruigsinneach agus èifeachdach
Ag obair còmhla ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn gus taic a thoirt do ar coimhearsnachdan
Cuir an-sàs cùisean beusalachd agus prìobhaideachd riatanach do obairphoilis is dìon anns gach taobh den t-seirbheis
Tha eachdraidh fhada agus pròiseil aig an t-seirbheis phoilis ann an Alba, stèidhichte air a’ phrionnsapal bunaiteach gum bi sinn ag obair le cead nan daoine. Tha dligheachd agus creideas deatamach ann an èifeachdas a’ phoilis. Tha na luachan againn aig cridhe a h-uile rud a nì sinn, le cùisean beusalachd agus prìobhaideachd air leth cudromach don t-seirbheis a tha sinn a’ lìbhrigeadh.
Feumaidh obair-phoilis a bhith èifeachdach gus buill as so-leònte a’ chomainnshòisealta a dhìon. Feumaidh seo co-rèite a lorg eadar na h-innealan ceart a bhith againn airson an obair a dhèanamh agus dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh de theicneòlas an dà chuid beusach agus co-rèireach. Mar a thathar a’ gabhail ri teicneòlasan ùra gus daoine a chumail sàbhailte ann an saoghal didseatach, leanaidh Poileas Alba air ag ath-sgrùdadh a’ cho-chòrdaidh seo.
Thèid teicneòlasan ùra agus na cothroman a bheir iad seachad gus èifeachdas a’ phoilis a neartachadh a chur an sàs ann an co-chomhairleachadh le ar daoine agus leis a’ mhòr-shluagh. Bidh tar-shealladh beusach làidir agus cunbhalach a tha fosgailte airson sgrùdadh agus a chumas earbsa a’ phobaill, an cois na dòighobrach.
Tha misneachd a’ phobaill ann an obair a’ phoilis a’ toirt buaidh air cho sàbhailte ’s a tha daoine a’ faireachdainn. Tha e cuideachd na phrìomh chomharradh de dhèanadas iomlan Poileas Alba. Bu chòir do choimhearsnachdan a bhith a’ faireachdainn misneachail gum faigh iad eòlas air obair-phoilis ann an dòigh a tha gu tur stèidhichte air luachan cothromachd, ionracas, spèis agus còraichean daonna.
A’ dìon a’ phobaill agus ag adhartachadh sunnd air feadh na h-Alba le bhith a’ toirt seachad seirbheisean a tha buntainneach, ruigsinneach agus èifeachdach
Tha sàbhailteachd agus sunnd nan daoine air am frithealadh le seirbheis a’ phoileas air a chur am meud le bhith a’ lìbhrigeadh sheirbheisean a tha ag obair gu hèifeachdach. Èistidh Poileas Alba ri feumalachdan caochlaideach choimhearsnachdan eadar-mheasgte agus feuchaidh sinn rin tuigsinn, agus feuchaidh sinn rin tuigsinn, le proifeiseantachd agus co-fhaireachdainn anns an eadar-obrachadh. Cuidichidh na h-inbhean agus na prionnsapalan conaltraidh againn le bhith a’ daingneachadh càileachd agus cunbhalachd nar seirbheisean, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ riaghladh agus a’ coinneachadh ri dùilean a’ phobaill.
Tha buileachadh a’ Mhodail Measadh Conaltraidh air leasachadh a thoirt air an dòigh ’s a bheil seirbheis a’ phoileas a’ prìomhachasadh agus a’ dèiligeadh ri fios bhon phoball. Bidh am modail seo a’ cleachdadh measadh leasaichte agus pròiseas dèanamh cho-dhùnaidhean leasaichte a thaobh bagairt, cunnart agus cron.
Leanaidh Poileas Alba oirnn a’ leasachadh eòlas agus builean don phoball, agus aig an aon àm a’ toirt cumhachd agus comas don luchd-obrach a’ phoileas gus na codhùnaidhean ceart a dhèanamh agus an fhreagairt poilis as iomchaidh agus corèireach a thoirt seachad.
Tha Ro-innleachd Conaltraidh is Ceangal Poblach Poileas Alba a’ cur muinntir na hAlba aig cridhe mar a tha seirbheisean poilis aghaidh air an lìbhrigeadh.
Feumaidh Poileas Alba dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean aige ruigsinneach agus iomchaidh dha na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh, agus gu bheil lìbhrigeadh obrachaidh èifeachdach. Thèid leasachadh a dhèanamh air mar a tha conaltradh poblach air a riaghladh, a’ cruthachadh eòlas poblach ruigsinneach agus fuaigheil le seirbheisean in-ghabhalach agus roghainnean bhon chiad cheangal gu fuasgladh. Bu chòir seo a bhith co-dhiù a tha daoine a’ conaltradh ris na poilis ann an èiginn no nas àbhaistiche airson cuideachadh, comhairle, fiosrachadh, iarrtasan no gnothaichean. Is e an t-amas
Poileas Alba a bhith ga fhaighinn ceart a’ chiad turas, a’ toirt seirbheis nas fheàrr don phoball agus ag obair nas èifeachdaiche mar sheirbheis poilis an latha an-diugh.
Obair le buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, prìobhaideach agus treas roinn gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh
Bidh conaltradh le daoine a’ neartachadh buntainneachd, freagairteachd agus cunntachalachd agus a’ togail earbsa. Bidh e a’ cuideachadh seirbheis nam poileas gus ionnsachadh mu dhaoine agus a’ cruthachadh sheirbheisean a choinnicheas ris na feumalachdan aca. Nì Poileas Alba leasachadh agus ath-chuimseachadh air an gnìomhan conaltraidh far nach eil iad a’ ruighinn choimhearsnachdan eadarmheasgte agus nach eil iad a’ riochdachadh cumadh a’ chomainn.
Tha an seòrsa iarrtais a bhios air oifigearan poileas bho latha gu latha air atharrachadh. Tha ar pròifil iarrtais air àrdachadh 24% fhaicinn ann an gairmean
‘dragh airson duine’ thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh, le àireamh mhòr de ghairmean co-cheangailte ri bhith a’ toirt taic don fheadhainn a tha ann an èiginn mar thoradh air so-leòntachd no droch shlàinte inntinn. Obraichidh Poileas Alba le compàirtichean gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine an fhreagairt cheart, aig an àm cheart, bhon t-seirbheis as iomchaidh. Gus seo a dhèanamh gu h-èifeachdach, feumaidh Poileas Alba a bhith ag obair le coimhearsnachdan gus faighinn a-mach càite agus ciamar a choileanar na feumalachdan aca, agus mar as urrainn do sheirbheis nam poileas atharrachadh.
Bidh ar daoine an-còmhnaidh a’ freagairt dhaoine a tha ann an èiginn, ach bheir Poileas Alba taic do sheirbheisean poblach eile agus obraichidh iad gus barrachd tuigse choitcheann a stèidheachadh mu na dreuchdan agus na crìochan aca.
Gluaisidh obair-phoilis a dh’ionnsaigh modail aig a bheil paramadairean soilleir agus tar-ghluasad èifeachdach eadar com-pàirtichean. Is e amas Poileas Alba gum faigh daoine an fhreagairt cheart a choinnicheas ris na feumalachdan aca a bhon bhuidhinn as iomchaidh.
Leanaidh Poileas Alba air a’ togail air an dàimh làidir cho-obrachail aige le Poileas Còmhdhail Bhreatainn gus lìbhrigeadh seirbheis a leasachadh air feadh coimhearsnachdan.
Feumaidh barrachd eòlais a bhith aig na daoine againn air diofar chultaran, chreideamhan agus chinnidhean gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air feumalachdan choimhearsnachdan nas eadar-mheasgte.
Mìnichidh Frèam Còraichean Daonna Poileas Alba mar a thèid dòigh-obrach chòraichean daonna fhighe a-steach don obair-phoilis, gus am bi dùilean soilleir don phoball, do choimhearsnachdan agus do luchd-tadhail na h-Alba.
Tha Acadamaidh Leasachaidh Eadar-nàiseanta Poileas Alba agus Aonadan
Leasachaidh is Ùr-ghnàthachaidh Eadar-nàiseanta a’ co-roinn tuigse air a’ chleachdadh as fheàrr agus na prìomh luachan poilis leithid spèis, cothromachd, ionracas agus còraichean daonna. Le bhith ag obair ann an com-pàirteachas le compàirtichean poilis agus buidhnean co-èigneachadh lagha air feadh na cruinne cuiridh
Poileas Alba ri tèarainteachd agus obair phoilis agus aig an aon àm bidh sinn a’ dìon coimhearsnachdan na h-Alba.
Bidh Poileas Alba a’ cur gu dearbhach ri agus a’ lìbhrigeadh trèanadh poilis, leasachadh agus taic do sheirbheisean poilis air feadh na cruinne, agus aig an aon àm ag àrdachadh sgilean, eòlas agus tuigse air coimhearsnachdan eadar-nàiseanta ar daoine fhèin.