Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
Buil 2
Buil 2: Feumalachdan choimhearsnachdan ionadail gan coileanadh le lìbhrigeadh seirbheis èifeachdach
Dùbhlain is cothroman
Is e dreuchd a’ phoilis daoine a chumail sàbhailte, ge bith càite a bheil iad a’ fuireach. Feumaidh Poileas Alba cumail orra a bhith mothachail air a h-uile seòrsa coimhearsnachd. Le seo a dhèanamh, bidh seirbheisean a’ sìor-fhàs agus gan dealbhadh gus freagradh ri feuman dhaoine agus choimhearsnachdan, a’ togail comann-sòisealta sàbhailte agus misneachail airson an cuid soirbheachaidh, a’ cruthachadh fìor chom-pàirteachadh agus fìor chom-pàirteachasan eadar na poilis agus a’ choimhearsnachd.
Tha daoine agus coimhearsnachdan aig cridhe lèirsinn Poileas Alba airson comannsòisealta nas fheàrr, agus iad a’ lìbhrigeadh obair-phoilis ùr-nodha, faicsinneach agus so-ruigsinneach do choimhearsnachdan, le seirbheisean taice ùra a bhios a' sìor leasachadh agus a’ freagairt a rèir atharrachaidhean sa chomann-shòisealta.
Tha astar atharrachadh teicneòlais a’ ciallachadh gu bheil daoine a’ sìor nochdadh no a’ sìor ghabhail pàirt ghnìomhach anns an t-saoghal didseatach. Bidh obair a’ phoilis a’ nochdadh seo anns an dòigh sa bheil goireasan sònraichte agus gnìomhach air an riarachadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean a tha gan lìbhrigeadh in-ghabhalach agus for-ghnìomhach ann a bhith a’ coinneachadh ri feumalachdan gach coimhearsnachd.
Mar a thig Alba a-mach às a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19 o chionn ghoirid, leanaidh cosgais bith-beò ag èirigh a’ toirt buaidh air iarrtas air seirbheisean poblach. Tha an cuideam seo a' toirt buaidh air daoine ann an dòighean eadar-dhealaichte agus feumaidh Poileas Alba seirbheisean agus solar atharrachadh mar fhreagairt.
Gus seo a dhèanamh, nì Poileas Alba ùrachadh air seirbheisean gus coinneachadh ri feumalachdan choimhearsnachdan gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann as iomchaidh a’ tuigsinn so-leòntachd agus a’ dèiligeadh riutha cho luath ‘s a ghabhas.
Mar a bhios ar coimhearsnachdan ag atharrachadh, aithnichidh Poileas Alba a’ phàirt aig obair-phoilis ann a bhith a’ cinnteachadh gur e Alba àite sa bheil daoine airson fuireach agus obair ann, sa bheil iad sàbhailte, is a’ faireachdainn saor a bhith iad fhèin gun eagal ro leth-bhreith.
Dùbhlain an latha an-diugh
Feumar com-pàirteachd is tuigse a’ phobaill gus ar seirbheis a dhèanamh nas in-ghabhalaich is nas so-ruigsinniche
Feumar ath-bhreithneachadh a thoirt air ar modail goireasachaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine leis na sgilean ceart gan cur gu na hàiteachan cearta
Tha an dòigh sam bi daoine a’ dearbh-aithneachadh ann an coimhearsnachdan is sa chomann-shòisealta a’ sìor atharrachadh agus feumaidh obair-phoilis atharrachadh dha rèir
Obair-phoilis san àm ri teachd
Tha sinn a’ tuigsinn ar coimhearsnachdan uile agus a’ cumadh ar dealbhadh is lìbhrigeadh seirbheis a rèir nam feumalachdan eadar-dhealaichte aca
Tha ar seirbheisean poilis fhathast gan lìbhrigeadh aig ìre ionadail, a’ tarraing à taic bho sgiobannan is goireasan nàiseanta mar a dh’fheumar
Tha sinn a’ meòrachadh air agus a’ freagairt ri nàdar caochlaideach choimhearsnachdan, a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar sgioba-obrach agus ar seirbheisean in-ghabhalach agus eadar-mheasgte
Gus a’ bhuil seo a choileanadh, bidh Poileas Alba:
A’ tuigsinn nan coimhearsnachdan againn agus a’ lìbhrigeadh a’ mheasgachaidh cheart de sheirbheisean gus coinneachadh ris na feumalachdan aca
A’ toirt taic do ar coimhearsnachdan tro mheasgachadh de dh’eòlas ionadail is nàiseanta
A’ cur taic ri nàdar caochlaideach choimhearsnachdan
A’ tuigsinn nan coimhearsnachdan againn agus a’ lìbhrigeadh a’ mheasgachaidh cheart de sheirbheisean gus coinneachadh ris na feumalachdan aca
Gus am bi na poilis a’ coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan ionadail feumar a bhith ag obair gu dlùth le daoine fa leth, an riochdairean agus solaraichean seirbheis eile gus dèanamh cinnteach gu bheil tuigse choitcheann ann mun lèirsinn aca, an àrainneachd agus àite a’ phoilis ann.
Tha cumhachd aig roinnean ionadail gus atharrachaidhean innleachdach agus coobrachail a leasachadh, fheuchainn agus a lìbhrigeadh a rèir fheumalachdan ionadail. Bheir co-roinn for-ghnìomhach air ionnsachadh agus deagh chleachdadh thairis air obair-phoilis agus le com-pàirtichean àrd-ùrlar èifeachdach airson Poileas
Alba a bhith air thoiseach ann a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean coitcheann nas fheàrr do ar coimhearsnachdan.
Tha conaltradh ionadail deatamach. Gus seo a dhèanamh gu brìoghmhor agus gu hèifeachdach feumar fìor chòmhradh, spèis, treibhdhireas, follaiseachd agus cunntachalachd. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine seirbheisean a dhealbhadh agus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean. Bu chòir cuimse a bhith air gnìomh agus buil. Tha Poileas Alba air frèam-obrach conaltraidh a leasachadh gus na prionnsapalan sin a nochdadh gus ruighinn a-mach chun an àireamh de bhuidhnean nar coimhearsnachdan.
Air an togail timcheall air in-ghabhaltas agus ruigsinneachd, bidh na h-inbhean agus na prionnsapalan conaltraidh fhathast freumhaichte air feadh Poileas Alba. Thèid conaltradh ionadail is nàiseanta a leudachadh, agus cleachdaidh Poileas Alba an tuigse seo, còmhla ri dàta obrachaidh is nàiseanta, gus làn chiall fhaighinn de chotheacsa dhaoine, agus sealladh agus iarrtas a’ phobaill.
Feuchaidh Poileas Alba gu gnìomhach ri bhith a’ toirt a-steach daoine a dh’fheumas taic a bharrachd agus daoine bho bhuidhnean nach cluinnear ach ainneamh air feadh a’ chomainn-shòisealta nach biodh gu traidiseanta a’ conaltradh ris na poilis.
Tha obair-phoilis soirbheachail air a lìbhrigeadh le bhith follaiseach, ruigsinneach, tuigseach agus freagairteach do fheumalachdan na coimhearsnachd.
A’ toirt taic do ar coimhearsnachdan tro mheasgachadh de dh’eòlas ionadail is nàiseanta
Is e a’ bhuannachd a bhith nar seirbheis nàiseanta gum faod a h-uile sgìre a-nis taic obrachaidh a bharrachd agus seirbheisean sònraichte iarraidh gus cuideachadh le tachartasan agus rannsachaidhean, an dà chuid tachartasan ro-phlanaichte agus fèin-thoileil, agus suidheachaidhean eile far am faodadh na goireasan sin a bhith a dhìth.
Mar eisimpleir, tha na Sgiobaidhean Mòr-sgrùdaidh Poileas Alba air eòlas sònraichte nàiseanta is eadar-nàiseanta a thoirt seachad gus dèiligeadh ri droch eucoirean, a’ toirt a-steach murt, malairt dhaoine agus buidhnean eucoir eagraichte.
Bho thòisich Poileas Alba, tha am modail de dh’ obair-phoilis ionadail, a’ tarraing air eòlas a bharrachd agus taic obrachaidh, air obrachadh gu math. Mar a chumas
Poileas Alba air a’ cruthachadh comas tro chruth-atharrachadh, feumaidh athsgrùdadh agus atharrachadh tachairt gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine againn air an cleachdadh anns na h-àiteachan ceart gus seirbheis den chàileachd as àirde a thoirt do na h-uile.
Tha obair-phoilis sa choimhearsnachd agus na dàimhean a tha aig obair-phoilis ris a’ phoball bunaiteach don dòigh anns a bheil Poileas Alba ag obair gus compàirteachasan brìoghmhor a thogail taobh a-staigh choimhearsnachdan. Bidh eòlas ar ceannardan poileas ionadail a’ dearbhadh co-chòrdadh an t-solair a tha freagarrach do fheumalachdan na sgìre aca, ge bith a bheil e bailteil, dùthchail no iomallach.
Tha teicneòlas ag atharrachadh gu luath. Bheir Poileas Alba barrachd roghainn agus goireasachd do dhaoine a tha airson fios a chur oirnn, le roghainnean didseatach leudaichte agus ruigsinneachd nas fheàrr.
Tha Poileas Alba air dòigh ùr a thoirt a-steach airson gairmean a làimhseachadh anns an Roinn Fiosrachaidh, Stiùiridh agus Smachd (C3) gus am freagairt a gheibhear don phobal a leasachadh. Chaidh seo a sgaoileadh a-mach air feadh na dùthcha a’ toirt cothrom do luchd-obrach taobh a-staigh Roinn C3 freagairtean a dhealbhadh a rèir fa leth gach neach-fios. Bidh luchd-obrach sgileil an Roinn a’ dèanamh measadh air bagairt agus cunnart croin anns gach gairm agus co-dhùnadh dè an fhreagairt as iomchaidh. Tha seo a’ meudachadh comas Poileas Alba oifigearan poilis a chuir gu tachartasan èiginneach, a’ ciallachadh faighinn gu na daoine as motha a tha feumach air seirbheisean, agus nuair a tha feum aca air na seirbheisean sin. Ann an suidheachaidhean eile, is dòcha gur e buidheann compàirteachais aig a bheil na sgilean iomchaidh as fheàrr a chuidicheas an neachgairm.
Tha na h-oifigearan tùs-gnothaich uidheamachadh le innealan gluasadach, gan dèanamh nas neo-eisimeilich agus a’ leigeil leotha barrachd ùine a chaitheamh ann an coimhearsnachdan. Leanaidh Poileas Alba oirnn ag aithneachadh agus a’ leasachadh comas-gnìomha gus am bi ar daoine èifeachdach far a bheil feum orra. Thèid cabhlach charbadan Poileas Alba atharrachadh gus a bhith nas taiceil do dh’obair gluasadach. Bidh oifigearan poilis uchd-bualaidh air an uidheamachadh le Body Worn Videos agus thèid beachdachadh air teicneòlasan ùra gus taic a thoirt do dh’oifigearan gus seirbheisean a lìbhrigeadh don phoball.
A’ cur taic ri nàdar caochlaideach choimhearsnachdan
Daingnichidh Poileas Alba ruigsinneachd agus in-ghabhalachd ann an dealbhadh na seirbheis. Thèid inbhean ruigsinneachd a chleachdadh air feadh teicneòlais, pròiseasan agus siostaman, air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh.
Feumar barrachd a dhèanamh gus na tagraichean as soilleire as fheàrr a thàladh gu obair phoilis mar fhastaiche adhartach agus in-ghabhalach. Leanaidh Poileas Alba air adhart a’ cur às do chnapan-starra a thaobh trusadh is glèidheadh dhaoine bho choimhearsnachdan gun riochdachadh gu leòr, agus neartaichidh e na modhan trusaidh is sgrùdaidh aca gus dèanamh cinnteach nach urrainn do dhaoine neofhreagarrach nach eil a’ riochdachadh prìomh luachan ionracas, cothromachd, spèis agus cumail suas chòraichean daonna leantainn air adhart no cumail a’ dol le dreuchdan ann am poileas.