Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


Buil 1

Buil 1: Dèiligeadh ri cunnart do shàbhailteachd is sunnd a’ phobaill le seirbheis poilis a tha forghnìomhach agus mothachail

Dùbhlain is cothroman

Tha an comann-sòisealta ag atharrachadh. Tha sinn a’ dol aig astar a tha a’ sìor fhàs bhon t-saoghal chorporra chun t-saoghail dhidseataich; gluasad a chruthaicheas cothroman airson seòrsachan eucoir ùra agus iom-fhillte. Tha an gluasad seo cuideachd a’ toirt buaidh air eucoir thraidiseanta, agus tha eileamaid dhidseatach aig mòran dheth a-nis.

Gus daoine a dhìon gu h-èifeachdach, bidh Poileas Alba fhèin ag atharrachadh, a’ luathachadh fòcas air daoine a chumail sàbhailte bho chron, agus aig an aon àm a’ gabhail ri teicneòlasan agus com-pàirteachasan innleachdach. Cuidichidh an dòighobrach againn Poileas Alba gus cur ri oidhirpean nas fharsainge gus dèiligeadh ri cùisean sòisealta leithid fòirneart an aghaidh bhoireannaich is nigheanan, a bharrachd air obair gus an siostam ceartais atharrachadh gus seirbheisean fiosraichte air trauma agus fòcas luchd-fulaing a lìbhrigeadh taobh a-staigh frèamobrach nas fharsainge de dh’obair-phoilis stèidhichte air còraichean.

Gus na h-amasan seo a choileanadh feumaidh Poileas Alba obrachadh le compàirtichean gus obrachadh gu h-èifeachdach gus a’ bhuaidh as motha fhaighinn bho goireasan cuibhrichte. Bidh seo a’ gabhail a-steach chom-pàirteachasan planadh coimhearsnachd a bheir còmhla seirbheisean poblach ionadail. Leanaidh Poileas Alba air adhart a’ cur gu mòr ri co-phlanadh agus lìbhrigeadh ionadail, a bharrachd air com-pàirteachasan tar-roinneil nàiseanta, a’ cuideachadh le bhith a’ spreigeadh gluasad gu bacadh agus eadar-theachd tràth thar sheirbheisean. Leigidh cochòrdadh nas fheàrr de dhleastanasan thar sheirbheisean poblach cothrom do Phoileas Alba fòcas a chumail air na prìomh dhleastanasan aca.

Dùbhlain an latha an-diugh

Tha eucoir a’ nochdadh eileamaidean didseatach barrachd is barrachd agus tha comas saidhbear sòlaimte eucoirich a’ tòiseachadh a’ dol thairis air ar comas dèiligeadh ris gu h-èifeachdach

Tha a bhith a’ togail iarrtas mar thoradh air gainnead maoineachaidh ann an àiteachan eile a’ cuingealachadh ar comas freagairt far am faigh obair-phoilis a’ bhuaidh as motha

Tha cùisean so-leòntachd, droch shlàinte inntinn agus mì-ghnàthachadh stuthan fhathast a’ toirt buaidh air sunnd dhaoine fa-leth agus choimhearsnachdan
Obair-phoilis san àm ri teachd

Bidh sinn a’ casg agus a’ dèiligeadh ri eucoir anns an t-saoghal chorporra agus didseatach, a’ dìon dhaoine bho chron

Tha com-pàirteachasan ùr-ghnàthach, ar cleachdadh de eòlas agus teicneòlas ùr-nodha a’ ciallachadh gu bheil sinn aig fìor thoiseach na freagairt do eucoir-saidhbear.

Bidh sinn a’ lùghdachadh an coltas gun tachair eucoir le bhith a’ comharrachadh dhaoine fa-leth ann an cunnart agus gan ceangal ris na seirbheisean a tha a dhìth orra

Gus a’ bhuil seo a choileanadh, bidh Poileas Alba:

A’ cumail dhaoine sàbhailte san t-saoghal chorporra is didseatach

A’ dealbhadh sheirbheisean còmhla gus dèiligeadh ri dùbhlain thoinnte sàbhailteachd is sunnd a’ phobaill

A’ cur taic ri obair phoilis tro bhacadh for-ghnìomhach

A’ cumail dhaoine sàbhailte san t-saoghal chorporra is didseatach

Mar a bhios Poileas Alba ag atharrachadh gus coinneachadh ri dùbhlain saoghal a tha ag atharrachadh, feumar fòcas a chur air raon-dleastanais a’ Phoilis mar a tha air a mhìneachadh san reachdas, is e sin:

A’ freagairt agus a’ bacadh eucoir

A’ dìon dhaoine so-leònte bhon fheadhainn a tha airson cron a dhèanamh orra

Le bhith ag ùrachadh an fhòcas seo tha cothrom ann:

A’ bhuidheann ath-chruthachadh gus coinneachadh ris na dùbhlain a tha romhainn an dà chuid san t-saoghal chorporra agus didseatach

Ath-mhìneachadh a dhèanamh air na dàimhean a tha aig Poileas Alba le a chom-pàirtichean gus taic nas fheàrr a thoirt do dhaoine so-leònte agus luchdfulaing eucoir

Dèiligeadh ri bagairtean èiginneach agus annamh

Tha dealas eagrachaidh soilleir air a bhith aig Poileas Alba a-riamh a thaobh dèiligeadh ri fòirneart an aghaidh bhoireannaich is nigheanan, le grunn raointean a’ gabhail a-steach èigneachadh agus eucoir feise, droch dhìol san dachaigh agus dìon chloinne, air an aithneachadh agus air an ainmeachadh mar phrìomhachasan an fhorsa. Ach mar thoradh air sreath de thachartasan àrd-ìomhaigh, a dh’adhbhraich dragh poblach air feadh na Rìoghachd Aonaichte, tha Poileas Alba mothachail gu bheil feum air ath-sgrùdadh agus leasachadh leantainneach a dhèanamh air na dòighean-obrach aca.

Tha rùn aig Poileas Alba a bhith ag obair le com-pàirtichean gus dòigh-obrach a thogail a dh’aithnicheas buaidh chùisean sòisealta nas fharsainge, an fheum air atharrachadh ann am beachdan agus cultar agus a tha ag amas air atharrachadh a bhrosnachadh agus buaidh a thoirt air tro fhoghlam, eadar-theachd, casg agus tòir air luchd-dèanaidh eucoir.

Bidh e deatamach daoine a chur aig cridhe seirbheisean poilis agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag èisteachd ris agus a’ dèiligeadh ri fios air ais a thèid a cho-roinn leinn. Le bhith ag aithneachadh cho tric ‘s a tha trauma agus ana-cainnt tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dha Poileas Alba dèanamh cinnteach gun aithnich iad far a bheil daoine fo bhuaidh trauma, gun lughdaich iad traumatachadh a-rithist agus gun cuir iad taic ri faighinn seachad air.

Bidh a bhith a’ meòrachadh air cultar eagrachaidh taobh a-staigh Poileas Alba aig cridhe dòigh-obrach a’ phoilis san àm ri teachd. Cuidichidh togail agus adhartachadh àrainneachd obrach thaiceil agus in-ghabhalach far a bheil eadar-dhealachadh air a bhrosnachadh agus air a luachadh a’ cur ri leasachaidhean ann an lìbhrigeadh seirbheis, a’ ciallachadh gun urrainn do Phoileas Alba tuigse nas fheàrr fhaighinn air feumalachdan nan daoine agus nan coimhearsnachdan air a bheil e a’ frithealadh agus freagairt a thoirt dhaibh.

Cuiridh an obair seo ris an obair a tha a’ dol air adhart mar-thà gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air nàdar agus meud Eucoir Fuath na h-Alba agus a’ lìbhrigeadh na dòighean iomchaidh a tha nan àite gus conaltradh le daoine agus coimhearsnachdan gus dèanamh cinnteach gu bheil misneachd aca tighinn air adhart agus aithris a dhèanamh air na dh’fhiosraich iad.

Tha leasachaidhean ann an teicneòlas a’ cruthachadh gach cuid dùbhlain agus cothroman airson obair a’ phoilis. Tha eucoirich a’ gabhail brath air teicneòlasan ùra aig astar a tha a’ sìor fhàs, agus tha àireamh a tha a’ sìor fhàs de dh’eucoirean traidiseanta a-nis a’ nochdadh eileamaid dhidseatach. Tha meud agus cudromachd dàta cuideachd a’ dol am meud – mar a tha na cothroman agus na cunnartan cocheangailte ri bhith ga chleachdadh.

Leanaidh obair gus ro-innleachd saidhbear adhartach Poileas Alba a bhuileachadh.

Tha Prògram Poileasaidh ann an Saoghal Didseatach Poileas Alba a’ toirt taic do mhisean na buidhne gus na h-atharrachaidhean a tha riatanach a thoirt gu buil gus a bhith nan ionad sàr-mhathais ann am poileas didseatach agus saidhbear, a’ toirt còmhla plana gnìomhachaidh ro-innleachd saidhbear agus prògraman comas saidhbear.

Tha am prògram a’ mìneachadh slighe shoilleir agus a’ cur cuideam air dealas Poileas Alba a bhith ag obair le com-pàirtichean leithid Riaghaltas na h-Alba agus cur an gnìomh lagh eadar-nàiseanta agus eòlas a cho-roinn thar roinnean. Cumaidh Poileas Alba air a’ leasachadh chom-pàirteachasan le solaraichean air-loidhne, eòlaichean gnìomhachais, acadaimigich agus com-pàirtichean Poilis is ceartas eucorach eile, nam measg Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis Neach-casaid a’ Chrùin. Ann an seo a dhèanamh feuchaidh Poileas Alba ris an teicneòlas agus an dàta a leasachadh a tha a dhìth gus bacadh agus casg a chur air eucoir air-loidhne anns a
h-uile cruth; cumail suas ris a’ chunnart dhidseatach agus àrdachadh làthaireachd obair-phoilis anns an t-saoghal fhìor.

Mar a bhios Poileas Alba a’ sìor-leasachadh a chuid siùbhlachd didseataich, bidh sgilean saidhbear agus tapachd air am fighe a-steach don bhuidheann, a’ toirt trèanadh air thoiseach air gnìomhachas a’ phoilis gus rannsachadh eucoir airloidhne anns a h-uile cruth a neartachadh, agus aig an aon àm a’ cur ris na sgilean a th’ ann mar-thà. Gus dèanamh cinnteach gu bheil na daoine ceart aig Poileas Alba san àite cheart, thèid slighean sùbailte a chruthachadh a-steach don bhuidhinn gus an t-eòlas ùr-nodha a tha a dhìth a thàladh, fhastadh agus a chumail.

Tha oidhirpean ath-bheothachaidh an dèidh galar lèir-sgaoilte, draghan àrainneachdail, dùbhlain eaconamach agus a’ chòmhstri san Ugràin nan cùisean cruinneil a tha a’ cur ri mì-chinnt phoileataigeach is sòisealta a tha ann an-dràsta ann an Alba agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Leanaidh buaidh air daoine agus coimhearsnachdan ann an grunn dhòighean san àm ri teachd.

Tha rùn aig Poileas Alba tuigse fhaighinn air mar a tha na cùisean sin a’ toirt buaidh air daoine agus na coimhearsnachdan a tha e a’ frithealadh agus mar a ghabhas seirbheisean agus dòighean-obrach atharrachadh gus coinneachadh ri feumalachdan ùra agus feumalachdan a tha a’ tighinn am bàrr.

Mar a bhios coimhearsnachdan a’ caochladh, atharraichidh Poileas Alba an dà chuid faicsinneach agus ruigsinneach, ag obair an dà chuid ann an àrainneachdan fiosaigeach agus bhiortail, agus a’ leudachadh làthaireachd a’ phoilis a-steach don tsaoghal dhidseatach. Uile gu lèir, obraichidh Poileas Alba le coimhearsnachdan gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine a’ tuigsinn agus a’ dol an sàs ann an atharrachaidhean sam bith, far an gabh sin dèanamh.

A’ dealbhadh sheirbheisean còmhla gus dèiligeadh ri dùbhlain thoinnte sàbhailteachd is sunnd a’ phobaill

Bidh cumail dhaoine sàbhailte an-còmhnaidh na phrìomh fhòcas airson Poileas Alba, ach thathar ag aithneachadh nach e seirbheis a’ phoilis an-còmhnaidh an t-seirbheis cheart gus an cuideachadh a tha a dhìth orra a thoirt do dhaoine. Tha Poileas Alba gu tric air fulang buaidh dhùbhlain ionmhasail san roinn phoblaich agus tha sinn a’ gabhail uallach ann an suidheachaidhean far nach e seirbheis nam poileas an tseirbheis as freagarraiche airson dèiligeadh ris. Tha an suidheachadh seo neosheasmhach san fhad-ùine agus a’ toirt air falbh bhon chomas eadar-theachd gu hèifeachdach ann an suidheachaidhean èiginneach cunnairt is croin.

Tha e mar dhleastanas air seirbheisean poblach ann an Alba sunnd nan coimhearsnachdan a tha iad a’ frithealadh a leasachadh. Feumar obrachadh nas dlùithe còmhla gus dèiligeadh ris an iarrtas a tha a’ sìor fhàs nas motha agus nas toinnte airson sheirbheisean. Tha Poileas Alba dealasach a bhith ag obair le buidhnean eile agus leis a’ mhòr-shluagh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt seachad taic agus gu bheilear a’ coinneachadh ri feumalachdan dhaoine. Is e an dòigh as èifeachdaiche air builean math a choileanadh do dhaoine a bhith a’ conaltradh riutha gus tuigsinn mar a tha a’ tachairt riutha, a’ dèanamh cinnteach gu bheil guth brìoghmhor aca anns na co-dhùnaidhean a tha a’ toirt buaidh orra agus na seirbheisean a thathar a’ dealbhadh thar obair-phoilis.

Leanaidh Poileas Alba orra a’ leasachadh an tuigse mu na cùisean a bheir droch bhuaidh air sàbhailteachd agus sunnd nan coimhearsnachdan agus a’ meudachadh coltas gum bi daoine a’ conaltradh ris na Poilis.

Le bhith a’ cumail sùil gheur air na rudan a bhrosnaicheas daoine a dh’ionnsaigh eucoir agus seòrsachan eile de chron, aithnichidh Poileas Alba daoine fa-leth ‘ann an cunnart’ agus obraichidh iad le com-pàirtichean gus dèanamh cinnteach gu bheil slighean soilleir ann gu taic iomchaidh.

Obraichidh Poileas Alba gu cuideachail le com-pàirtichean thar nan roinnean poblach, prìobhaideach agus an treas roinn gus taic a thoirt don dòigh-obrach slàinte phoblaich a tha ga leasachadh ann an Alba. Feumar tuigse mu ar dreuchdan agus dleastanasan fa leth a leasachadh, gus an taic a tha a dhìth orra a thoirt do dhaoine. Bidh Poileas Alba a’ roinn fiosrachadh agus tuigse, ann an dòigh iomchaidh agus beusanta, fhad ’s a bhios iad a’ co-òrdanachadh goireasan gus cuimseachadh air cùisean leantainneach a bheir buaidh air sunnd agus seasmhachd. Lùghdaichidh tasgadh an seo iarrtas agus cuideam ionmhais air feadh an t-siostam sa mheadhanùine agus san fhad-ùine.

A’ cur taic ri obair phoilis tro bhacadh for-ghnìomhach

Cumaidh Poileas Alba prìomh dhreuchd ann a bhith a’ toirt taic do dhaoine agus coimhearsnachdan so-leònte ann an Alba. Le bhith ag obair le com-pàirtichean, thèid modhan bacaidh a leasachadh a bhios a’ cuimseachadh air eadar-theachd tràth, fuasgladh tràth agus ath-threòrachadh gus dèiligeadh ri duilgheadasan maireannach. Cuidichidh seo le bhith a’ togail seasmhachd taobh a-staigh cuid de na coimhearsnachdan as so-leònte ann an Alba; ag adhartachadh bhuilean nas fheàrr agus a’ lùghdachadh cosgais air feadh na seirbheis phoblaich san fharsaingeachd.

Leigidh barrachd tasgaidh an seo le Poileas Alba ar goireasan a chuimseachadh air com-pàirteachas, bacadh agus eadar-theachd tràth, a’ toirt cothrom fuasglaidhean èifeachdach a lorg. Thèid tuigse poilis sònraichte a chleachdadh gus cùis shoilleir a shealltainn airson atharrachadh, a’ togail bunait fianais làidir airson tasgadh cuimsichte ann an ceumannan bacaidh gus dèiligeadh ri so-leòntachd, fòirneart, droch shlàinte inntinn agus ana-cleachdadh stuthan.

Thèid feum nas fheàrr a dhèanamh de dhàta gus fiosrachadh a thoirt do leasachaidhean ann an obair a’ phoilis, agus san dòigh-obrach againn ann an obair còmhla ri com-pàirtichean. Le bhith a’ toirt gu buil buannachdan dàta is anailis coroinnte, a rèir dleastanasan dìon dàta, bheir sin fiosrachadh don dòigh-obrach choobrachail agus bithear a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ bhuaidh as fheàrr aig obairphoilis. Le bhith a’ toirt buaidh an seo thèid pròiseactan soirbheachail a mheudachadh agus taic a chuimseachadh air na daoine agus na coimhearsnachdan as so-leònte.

Bidh obair bacaidh na phrìomh fheart den dòigh-obrach a thaobh eucoir air-loidhne.
Cumaidh Poileas Alba oirnn a’ togail mothachadh mun chunnart dhidseatach nar measg, gus foghainteachd a leasachadh, so-leòntachd a lùghdachadh agus an coltas gum bi daoine a’ fulang a-rithist a lùghdachadh. Obraichidh Poileas Alba le buidhnean anns na roinnean poblach, prìobhaideach agus an treas roinn gus an tuigse agus an fhreagairt a leasachadh. Le bhith ag obair còmhla, bithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil builean agus seirbheisean tèarainte tro dhealbhadh, a’ lùghdachadh chothroman do eucoirich brath a ghabhail air so-leòntachd.


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 22 August 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023