Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
A’ tomhas adhartas agus a’ measadh dèanadas
Bidh Poileas Alba a’ solar aithisgean dèanadais ràitheil gus ath-sgrùdadh agus tarshealladh le Ùghdarras Poileas na h-Alba a chomasachadh. Tha aithisg dèanadais bhliadhnail a’ tomhas adhartas mu choinneamh bhuilean aontaichte air a toirt do Ùghdarras Poileas na h-Alba leis an Àrd-chonstabal
Tha na còig builean ro-innleachdail a’ toirt teachdaireachd shoilleir don phoball agus luchd-ùidh air mar a thathar an dùil gun tig piseach air obair-phoilis ann an Alba mar thoradh air a’ Phlana Poilis Ro-innleachdail seo a bhuileachadh.
Is iad na builean a’ bhunait air an tèid adhartas a thomhas mar phàirt de Fhrèamobrach Dèanadas a’ Phoilis. Tha measadh dèanadais na phàirt riatanach de dhleastanasan reachdail Ùghdarras Poileas na h-Alba, a’ gabhail a-steach athmheasadh air obair-phoilis ann an Alba, a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do leasachadh leantainneach agus a’ cumail an Àrd-chonstabail cunntachail.
Aithris dèanadais ràitheil gu Ùghdarras Poileas na h-Alba
Ann am frèam-obrach dèanadas a’ Phoilis tha ceumannan a chaidh aontachadh eadar an t-Ùghdarras agus Poileas Alba, agus tha siostam aithrisidh poblach na chois. Airson gach fear de na ceumannan a chaidh aontachadh, tha suidheachadh bun-loidhne air a stèidheachadh anns a’ chiad dol-a-mach, agus tha an t-slighe siubhail air aontachadh.
Bidh Poileas Alba ag aithris air adhartas mu choinneamh gach ceum den fhrèamobrach ri Comataidh Dèanadas Poileas an Ùghdarrais airson beachdachadh sa chiad dol a-mach, agus ri coinneamh Bòrd an Ùghdarrais airson làn ath-mheasadh gach ràith.
Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan Ùghdarras Poileas na h-Alba
Feumaidh an t-Ùghdarras measadh agus aithris a dhèanamh air dèanadas air feadh siostam an obair-phoilis gach bliadhna. Gach bliadhna ionmhasail, bidh an tÙghdarras a’ dèanamh Aithisg Bhliadhnail (mar phàirt den Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan) a thèid a chur air beulaibh na Pàrlamaid. Tha leasachadh a’ mheasaidh dhèanadais air a stiùireadh le Comataidh Dèanadas Poileas an Ùghdarrais.
Tha dà phrìomh eileamaid anns a’ mheasadh dèanadais bhliadhnail:
measadh an Ùghdarrais air dèanadas Poileas Alba ann a bhith a’ buileachadh nan rèiteachaidhean a tha air am mìneachadh ann am Plana Bliadhnail a’ Phoilis agus Plana Ro-innleachdail a’ Phoilis; agus
measadh an Ùghdarrais air Seirbheisean Foireansach, ann a bhith a’ coileanadh bhuilean anns an Ro-innleachd Foireansach, a bharrachd air measadh air Dèanadas Corporra an Ùghdarrais an aghaidh Ro-innleachd Corporra an SPA.
Bidh an t-Ùghdarras a’ tarraing air raon de dh’fhiosrachadh agus dàta a tha ri fhaighinn aig a’ phoball gus an Aithisg Bhliadhnail aca a thoirt gu buil, a’ gabhail asteach stuthan sna h-aithisgean dèanadais a bheir Poileas Alba agus Seirbheisean Foireansach seachad sa bhliadhna aithris.
Sgrùdadh air seirbheis poileas na h-Alba
Ann a bhith a’ cur ri chèile an sealladh farsaing seo air dèanadas poilis, bidh an t-
Ùghdarras cuideachd ag obair còmhla ri gach ùghdarras ionadail ann an Alba, Luchd-sgrùdaidh Poileas a Mhòrachd an Alba agus buidhnean com-pàirteachaidh eile airson am beachdan air buaidh obair a’ Phoilis, gus raon farsaing de stòran dàta agus beachdan a nochdadh.
Tha tar-shealladh agus sgrùdadh air obair-phoilis ann an Alba an urra ri grunn bhuidhnean le diofar dhleastanasan. Tha na prìomh bhuidhnean le geàrr-chunntas air na prìomh dhleastanasan aca air am mìneachadh an seo.
Riaghaltas na h-Alba:
A’ fastadh buill de dh’ Ùghdarras Poileas na h-Alba
A’ ceadachadh fastadh an Àrd-chonstabail
A’ suidheachadh bhuidseatan nàiseanta is prìomhachasan poilis roinnleachdail
Tha cumhachd stiùiridh aige thairis air an Ùghdarras
Ùghdarras Poileas na h-Alba:
A’ cumail an-àirde na Seirbheis Poilis
A’ cur air adhart prionnsapalan obair-phoilis
A’ cur air adhart is a’ cur taic ri leasachadh leantaileach ann an obair-phoilis na h-Alba
A’ cumail an Àrd Chonstabail cunntachail airson obair-phoilis na h-Alba
A’ toirt fiosrachadh do Mhinistearan na h-Alba mun Ùghdarras no an tSeirbheis Poilis
A’ deasachadh a’ Phlana Poilis Ro-innleachdail
Poileas Alba:
Cunntachail do agus an urra ris an Ùghdarras airson obair-phoilis
Uallach airson stiùireadh, smachd, rianachd agus leasachadh leantainneach air seirbheis a’ phoilis
Ag ullachadh planaichean poilis bliadhnail agus planaichean poilis ionadail
A’ dèanamh cinnteach gu bheil rèiteachaidhean iomchaidh stèidhichte airson obair-phoilis anns gach sgìre ùghdarrais ionadail
Comataidh a’ Cheartais Eucoir:
A’ beachdachadh is ag aithris air cùisean a tha fo dhleastanas Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartas
Luchd-sgrùdaidh Poileas A Mhòrachd ann an Alba:
A’ measadh staid, èifeachd agus tarbhachd Poileas Alba agus Ùghdarras Poileas na h-Alba
Faodar a stiùireadh le Ministearan na h-Alba
A’ toirt comhairle is stiùireadh proifeiseanta air obair-phoilis Ùghdarrasan Ionadail:
Ùghdarras Poileas na h-Alba a’ dèanamh co-chomhairle leotha mun Phlana Poilis Ro-innleachdail
Ceannardan roinneil a’ toirt feart do am beachdan nuair a tha iad a’ deasachadh planaichean poilis ionadail
Riochdairean taghte a’ sgrùdadh mar a bhios Poileas Alba a’ lìbhrigeadh nam prìomhachasan aontaichte a tha anns a’ phlana poilis ionadail aca