Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


A’ daingneachadh luachan

Tha còrr air 23,000 neach a’ toirt taic do lìbhrigeadh obair-phoilis ann an Alba, thar raon farsaing de dhleastanasan. Is ann tro am proifeiseantachd, an dealas pearsanta agus an oidhirpean coitcheann a thèid am Plana Ro-innleachdail Poilis a chur an gnìomh gu soirbheachail.

Tha luachan mar bhunait air cultar eagrachaidh. Tha iad mar bhunait air ar roinnleachdan, poileasaidhean, co-dhùnaidhean cleachdaidhean agus an eadarobrachadh fa leth a th’ againn le ar co-obraichean agus na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh.

Feumaidh sinn na luachan sin a nochdadh leinn fhèin agus còmhla gach latha.

Ann a bhith a’ cur air bhog Ro-innleachd Co-ionannachd, Iomadachd agus Inghabhail Poileasadh Còmhla tha Poileas Alba air gealltainn seirbheis an-aghaidh lethbhreith a thogail. Tha seo air iarraidh leis na h-ìrean giùlan proifeasanta againn, ar còd beusachd, agus le ar luachan agus adhbhar.

Tha an t-Ùghdarras agus Poileas Alba air gabhail ri Frèam-obrach Luachan Comais (CVF), a chaidh a leasachadh le Colaiste a’ Phoilis agus a chaidh atharrachadh gus a bhith a’ toirt a-steach Luachan agus Còd Beusachd Poileas Alba. Tha seo air a riochdachadh anns an dealbh gu h-ìosal. Tha atharrachadh air an fhrèam a’ buntainn ri luchd-obrach an Ùghdarrais mar aithneachadh air luachan eagrachaidh sònraichte an Ùghdarrais.

Obair-phoilis tuigseach, cruthachail agus fiosraichte Ceannardas in-ghabhalach, comasach agus lèirsinneach Sgoinneil, truacanta agus dealasach Tha sinn mothachail gu tòcail Tha sinn ùr-ghnàthach agus le inntinn fhosgailte. Tha sinn coobrachail. Bidh sinn a’ lìbhrigeadh, a’ toirt taic agus a’ brosnachadh. Bidh sinn a’ dèanamh mion-sgrùdadh breithneachail. Gabhaidh sinn seilbh. Cothromachd Spèis Ionracas Luachan agus Còd Beusachd  

Tha an CVF airson Poileas Alba a’ toirt bunait chunbhalach do phroifeiseantaich poilis agus a’ toirt taic do lìbhrigeadh cultar adhartach don bhuidheann a bharrachd air leasachaidhean air lìbhrigeadh seirbheis bhon taobh a-muigh. Tha e a’ mìneachadh giùlan agus luachan a tha aithnichte gu nàiseanta airson raon de phròiseasan dhaoine ionadail agus nàiseanta, a’ gabhail a-steach aithneachadh dèanadais, suidheachadh amasan, fastadh agus àrdachadh.

Prìomhachasan Poilis Ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba

Fo Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012, bidh Riaghaltas na h-Alba a’ dearbhadh Prìomhachasan Poilis Ro-innleachdail airson Ùghdarras Poileas na h-Alba. Tha na prìomhachasan sin a’ suidheachadh an stiùiridh ro-innleachdail àrd-ìre airson an Ùghdarrais agus, tron Phlana Ro-innleachdail Poilis seo, Poileas Alba.

Eucoir agus Tèarainteachd: prìomhachas air bacadh, lorg, rannsachadh, coionnanachd agus còraichean daonna gus taic a thoirt do dheagh bhuilean ceartais eucoirich; a’ freagairt ri bagairtean agus a’ cumail òrdugh poblach, gu h-ionadail agus gu nàiseanta.

Earba: a’ leantainn oirnn a’ brosnachadh earbsa a’ phobaill le bhith beusach, fosgailte, follaiseach le daoine aig a’ chridhe agus tuigseach mu craidh-chàs; a’ cumail suas dàimhean agus a’ dol an sàs le coimhearsnachdan ionadail, gus deagh chliù a thogail aig ìre ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta.
Com-pàirteachasan: ag obair gu for-ghnìomhach le prìomh roinnean gus coimhearsnachdan a chumail sàbhailte agus taic a thoirt do dheagh bhuilean airson daoine, a’ cur ri foghainteachd agus a’ freagairt ri so-leòntachd.

Seasmhachd: ag atharrachadh ghoireasan agus phlanaichean airson an dà chuid suidheachadh sòisealta, eaconamach agus ionmhasail an-dràsta agus san àm ri teachd a’ beachdachadh air seallaidhean co-ionannachd agus a’ bhuaidh àrainneachdail a tha aig obair-phoilis agus a ghnìomhachdan.

Daoine: a’ cur luach ann an, agus taic ri, sgioba-obrach eadar-mheasgaichte, a’ dol an sàs leotha agus a’ toirt cumhachd dhaibh a bhith ceannardail agus sàr sheirbheisean a lìbhrigeadh, le fòcas air leasachadh luchd-obrach, co-ionannachd, in-ghabhail agus sunnd iomlan.

Fianais: a’ cleachdadh fianais gus seirbheisean ùrachadh agus a leasachadh a tha a’ dèiligeadh ri feumalachdan làithreach agus a’ tighinn am bàrr dhaoine fa-leth agus choimhearsnachdan ionadail, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan, comas, lèirsinn agus sgilean anns an àite cheart airson builean a lìbhrigeadh.

Dhaingnich Riaghaltas na h-Alba am Prìomhachasan Poilis Ro-innleachdail air 26 Faoilleach 2023.

Measadh Ro-Innleachdail Nàiseanta

Ann a bhith a’ measadh na h-àrainneachd ro-innleachdail anns a bheil obair-phoilis ga dèanamh an-dràsta agus san àm ri teachd, chaidh beachdachadh air raon farsaing de spreigidhean bhon taobh a-muigh.

Tha iad sin a’ toirt a-steach atharraichean sòisealta agus ro-mheasaidhean deamografach airson atharrachadh ann an cumadh, agus mar sin ann am feumalachdan, nan coimhearsnachdan a tha Poileas Alba a’ frithealadh agus barrachd chùisean co-cheangailte ri slàinte inntinn agus daoine so-leònte.

Tro na rèiteachaidhean sgrùdaidh ùghdarrasan ionadail lìonraidhean ionadail agus obair com-pàirt poblach, tha dealas againn a bhith a’ cluinntinn agus a’ meòrachadh air beachdan an raon eadar-mheasgte de choimhearsnachdan bailteil, dùthchail agus iomallach air feadh na h-Alba. Tha seo gar cuideachadh a’ tuigsinn atharrachadh ann an iarrtasan airson seirbheisean a’ phoilis agus far am feum iad a dhol còmhla ris an fheadhainn a tha buidhnean com-pàirteachaidh a’ toirt seachad.

Gus na seirbheisean as fheàrr a dhealbhadh, tha am ro-innleachd seo air fhiosrachadh le co-dhùnaidhean a’ Mheasaidh Ro-innleachdail Nàiseanta agus eòlas agus cleachdadh ceannardan poilis air feadh na seirbheis.

Tha am Measadh Ro-innleachdail na mheasadh cunnairt coileanta air cùisean obairphoilis, agus na mheasadh eagrachail air dòigh-obrach a thaobh taic a thoirt do lìbhrigeadh sheirbheisean poilis agus an comas sin a dhèanamh. Tha am measadh a’ toirt a-steach beachdachadh air an làn raon de phoileasaidh agus ro-innleachd an riaghaltais mar a bhuineas iad ri obair-phoilis, mar eisimpleir, Builean Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba, Lèirsinn airson Ceartas, CYBER, agus Ro-innleachd Dìon na RA.

Tha am measadh a’ toirt seachad mion-sgrùdadh air dàta eucoir is tachartais, fiosrachadh, sgrùdadh fàire agus bagairtean a tha a’ tighinn am bàrr, le ceanglaichean ris an dealbh nas fharsainge air feadh na RA.

Tha togail a’ Mheasaidh Ro-innleachdail Nàiseanta a’ toirt a-steach eòlas bhon phoball, com-pàirtichean, co-obraichean agus luchd-ùidh. Tha e na bhunait don choro-innleachd seo, a’ cruthachadh bunait shoilleir, fianais airson stiùireadh roinnleachdail a’ phoilis a rèir a’ cho-theacs ro-innleachdail nas fharsainge agus ris a bheil dùil san àm ri teachd airson obair-phoilis.

Stiùiridhean airson atharrachadh Àrdachadh iarrtais

Tha còrr is 80% de na gairmean a gheibh sinn nach eil ag adhbharachadh clàradh eucoir (2018)

Tha bàsan co-cheangailte ri drogaichean fhathast aig ìre àrd.

Ann an 2022/23, chaidh 16,879 cùisean foill aithris, agus tha taobh air-loidhne aig còrr air 90% dhiubh.

Àrdachadh seasmhach ann an tar-chur droch-dhìol chloinne air-loidhne

Tha eucoir saidhbear agus didseatach a’ sìor dhol am meud

67% de eucoir stalcaidh/sàrachaidh a-nis a’ buntainn ri teacsa no air-loidhne

Ann an 2022/23 bha cuibheas de 18 ionnsaigh air oifigearan/luchd-obrach gach latha

Tha Alba na àite ion-mhiannaichte airson tachartasan mòra, gu ìre air sgàth obair-phoilis soirbheachail

Atharrachadh ann an nàdar eucoir agus nàdar a’ chomainn-shòisealta

Thathas an dùil gun lean àireamh-sluaigh na h-Alba a’ dol am meud airson an ath dheich bliadhna, leis an àireamh de dhaoine aois 65 agus nas sine a’ fàs faisg air an treas cuid ro mheadhan 2045.

Tha barrachd dhaoine ann an Alba a-nis a’ fuireach le aon tinneas slàinte ioma-fhillte no barrachd

Èiginn cosgais bith-beò / luaineachd eaconamach a’ leantainn

Barrachd dhaoine a’ fuireach ann an àiteachan-fuirich sealach

Air feadh na h-Alba, tha seirbheisean poblach, gnìomhachasan agus buidhnean san treas roinn a’ faighinn seachad air buaidhean a’ ghalair lèirsgaoilte Covid-19

Tha an ùine a thèid a chaitheamh air-loidhne a’ dol am meud bliadhna an dèidh bliadhna fhad ‘s a tha cunnart bho chron ag èirigh

Seasmhachd Ionmhas

Chaidh £200m a thoirt air falbh bho chosgais bhliadhnail obair a' phoilis

Lùghdachadh dha-rìribh ann an airgead airson obair-phoilis ann an 2023-24, a’ gabhail a-steach maoineachadh calpa airgid rèidh de £53 millean

Tha bun-bheachd ann am buidseat 2023/24 gun tèid an sgioba-obrach iomlan a lùghdachadh le ~3.7%

Àrainneachdail

Targaid Carbon Neodrach Riaghaltas na h-Alba 2045 – sgaoilidhean làithreach 51,000 tunna CO2

A’ chiad ro-innleachd àrainneachd airson poilis

Ag amas air a bhith mar a’ chiad chabhlach solais ghorm làn ULEV san RA

Cothroman airson co-shuidheachadh gus togalaichean nas sine, neoèifeachdach a thoirt air falbh

Sgioba-obrach

Barrachd taic airson obrachadh clis agus sùbailte

Fòcas air slàinte agus sunnd

Bheir am prògram Poileasaidh Còmhla taic do sgioba-obrach in-ghabhalach

Fuirichidh daoine san sgioba-obrach nas fhaide

Taic do sgilean ùra, a’ gabhail a-steach comas saidhbear, tarsainn obairphoilis


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 22 August 2024

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023