Report Summary
Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.
Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.
Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.
Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.
A’ Cur an Gnìomh na Co-Ro-innleachd
Tha am Plana Poilis Ro-innleachdail seo a’ suidheachadh stiùir agus raon-gnìomha àrd-ìre airson obair-phoilis ann an Alba. Bidh e a’ treòrachadh mar a thèid goireasan a riarachadh gus coinneachadh ri riatanasan a’ phobaill agus nan coimhearsnachdan a thaobh sàbhailteachd agus dìon.
Tha Frèam Planaidh Ro-innleachdail Poileas Alba (gu h-ìosal) a’ mìneachadh mar a tha an t-seirbheis a’ co-chòrdadh a ro-innleachdan agus planaichean ro-innleachdail leis a’ Cho-Ro-innleachd airson Poileasaidh agus Prìomhachasan Ro-innleachdail Poilis, Builean Nàiseanta agus Lèirsinn airson Ceartas aig Riaghaltas na h-Alba.
A’ Comasachadh Ro-innleachdan
Mar bhunait ris a’ cho- ro-innleachd seo tha raon de ro-innleachdan comasachaidh le fòcas air raointean sònraichte de ghnìomhachas agus raointean obrachaidh. Tha iad sin a’ mìneachadh ann am barrachd doimhneachd an àrd-mhiann agus an dòighobrach airson ar lìbhrigeadh seirbheis agus ar seirbheisean taice a leasachadh, agus thathar gan sgrùdadh.
Plana Bliadhnail a’ Phoilis
Tha feum fo reachdas air Plana Poilis Bliadhnail Poileas Alba. Tha e air a chur fa chomhair na pàrlamaid sa Mhàrt gach bliadhna.
Tha Plana Bliadhnail a’ Phoilis a’ co-chòrdadh ri builean agus cinn-uidhe roinnleachdail Plana Ro-innleachdail a’ Phoilis. Tha e a’ mìneachadh mionfhiosrachadh air mar a bhios Poileas Alba ag obair agus a’ cur ris na builean a tha air am mìneachadh ann am Plana Ro-innleachdail a’ Phoilis.
Tha lìbhrigeadh Sgioba Poilis Bliadhnail agus gnìomhachd cho-fhreagarrach air a stiùireadh le Sgioba Stiùiridh Poileas Alba. Tha aithris ga dhèanamh gu poblach air dèanadas do Ùghdarras Poileas na h-Alba gach ràith, le structar timcheall air na còig builean a tha air am mìneachadh sa Phlana Poilis Ro-innleachdail seo.
Planaichean Poilis Ionadail
A thuilleadh air Plana Bliadhnail a’ Phoilis, bidh Poileas Alba a’ dèanamh Planaichean Poilis Ionadail, a rèir Plana Ro-innleachdail a’ Phoilis. Tha susbaint agus nàdar Planaichean Poilis Ionadail air an co-dhùnadh le Ceannardan Sgìreil agus Roinneil ann an co-rèiteachadh le ùghdarrasan ionadail, a tha an urra ri cead a thoirt don Phlana Poilis Ionadail aca. Tha na planaichean seo a’ toirt fa-near suidheachaidhean ionadail agus rèiteachaidhean planadh coimhearsnachd, le aire air Planaichean Leasachaidh Builean Ionadail sa phròiseas leasachaidh, a bharrachd air fios air ais bhon phoball a gheibhear tro shuirbhidhean Am Poileas
Agad agus Eòlas Luchd-Cleachdaidh agus gnìomhachd conaltraidh leantainneach.
Tha an sgrùdadh ionadail sin a’ neartachadh agus a’ cur ris an tar-shealladh nàiseanta air Poileas Alba a nì Ùghdarras Poileas na h-Alba.
A’ lìbhrigeadh atharrachadh
Tha Gnìomhachd Atharrachaidh stèidhichte aig Poileas Alba a tha an urra ri bhith a’ stiùireadh lìbhrigeadh phrògraman agus phròiseactan cruth-atharrachail. Tha seo a’ toirt a-steach riaghladh phrògraman is phròiseactan, a’ cumail smachd air eadareisimeileachd agus cunnartan, a’ cumail sùil air coileanadh bhuannachdan, agus ag obair le co-obraichean air feadh na seirbheis gus buaidh atharrachaidh a stiùireadh.
Bithear a’ dèanamh lèirmheas riaghailteach air lìbhrigeadh ro-innleachd obair a' phoilis. Tha taisbeanadh adhartais agus buaidh air fhighe a-steach an dà chuid ann an aithris ionmhasail is tarbhachd cho math ris an fhrèam-obrach dèanadais iomlain, a tha air aithris do Ùghdarras Poileas na h-Alba agus don Àrd-chonstabal mar phàirt den chuairt aithrisidh fhoirmeil.
Bidh Poileas Alba a’ cumail sùil air a’ bhuaidh a tha aig cruth-atharrachadh air daoine agus ar seirbheisean tro aithriseadh agus ath-mheasadh air adhartas aig coinneamhan Bòrd Atharrachaidh agus Prìomh Bhòrd Stiùiridh. Tha sgrùdadh, tarshealladh, dùbhlan agus taic air a thoirt seachad le Ùghdarras Poileas na h-Alba tron structar riaghlaidh aig coinneamhan a’ Bhùird agus na Comataidh agus le raon de dhòighean eile, leithid tar-shealladh sònraichte agus buidhnean obrach anns a bheil buill a’ Bhùird agus luchd-taic.
A thuilleadh air pròiseasan foirmeil, tha cultar atharrachaidh air a bhrosnachadh air feadh Poileas Alba. Tha miann ann iomairt fhaicinn airson leasachadh leantainneach aig cridhe gach sgioba obrachaidh agus raon gnìomhachais, a’ toirt cumhachd do na daoine againn gu lèir a bhith ùr-ghnàthach agus a’ cur fòcas air leasachadh nan obair làitheil.