Skip to site content Skip to main menu

Tell us whether you accept cookies

Published: 20 November 2023

Co-ro-innleachd airson Obair-phoilis 2023 Obair-phoilis airson Alba shàbhailte, dhìonta is fhoghainteach

Report Summary

Tha dreuchdan agus dleastanasan Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) agus Poileas Alba a thaobh planadh ro-innleachdail air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Poilis is Smàlaidh (Alba) 2012 aig Earrannan 34 agus 35.

Fon Achd, tha uallach air an Ùghdarras airson Plana Ro-innleachdail Poilis a dheasachadh agus tha Àrd-Chonstabal Poileas Alba an sàs ann a bhith ga dheasachadh.

Tha co-chòrdadh an stiùiridh ro-innleachdail, agus prìomhachasan airson obair phoilis, planadh agus measadh dèanadais air a mhìneachadh sa Phlana seo.

Feumaidh am Plana Ro-innleachdail Poilis airson Alba seo cead ministreil mus tèid fhoillseachadh agus a chur fa chomhair na Pàrlamaid.


A’ conaltradh rinn

Tha sinn airson cluinntinn bhuat.

Tha conaltradh brìoghmhor agus èifeachdach a’ toirt a-steach fìor chòmhradh, spèis, treibhdhireas, follaiseachd agus cunntachalachd. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine cumadh a thoirt air ar seirbheisean agus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean a rinneadh. Bidh tuigse bho chonaltradh èifeachdach a’ cuideachadh le bhith a’ comharrachadh fhuasglaidhean practaigeach agus a’ dearbhadh atharrachaidhean a dh’fheumar gus coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.

Tha Ùghdarras Poileas na h-Alba agus Poileas Alba dealasach a thaobh leasachadh leantainneach anns gach rud a nì sinn. Ma tha rudeigin agaibh ri innse dhuinn mun sgrìobhainn seo no mun t-seirbheis againn, cuiribh fios thugainn aig: SPAstrategyandperformance@spa.police.uk no StrategicPlanningDevelopment@scotland.police.uk.

Gheibhear seòlaidhean puist airson Oifisean Poileas na h-Alba air làrach-lìn Poileas Alba: https://www.scotland.police.uk/police-stations 

Com-pàirteachadh poblach agus lèirsinn

Mar phàirt de leasachadh Plana Ro-innleachdail a’ Phoilis seo, rinn an t-Ùghdarras, còmhla ri Poileas Alba, ùine de chom-pàirteachadh gus leigeil leis a’ phoball agus com-pàirtichean beachdan a thoirt seachad a thaobh ar stiùireadh ro-innleachdail. Chaidh beachdachadh air an fhios-air-ais seo agus chaidh a nochdadh anns an dreach mu dheireadh den Phlana seo.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseas conaltraidh airson na sgrìobhainn seo air-loidhne: https://spa.citizenspace.com 

Gheibhear fiosrachadh mu obair-phoilis agus com-pàirteachadh a thaobh obairphoilis air làrach-lìn Poileas Alba agus an Ionad Conaltraidh.

https://www.scotland.police.uk https://consult.scotland.police.uk/ 

Am Poileas Agadsa

Tha Poileas Alba ag aithneachadh cho cudromach sa tha e tuigse fhaighinn air beachdan agus prìomhachasan choimhearsnachdan eadar-mheasgte na h-Alba.

Tha an t-suirbhidh leantainneach gun urra seo mar àrd-ùrlar don phoball gus innse do Phoileas Alba mu am beachdan agus eòlas air seirbheis a’ phoilis, dè tha a’ dol gu math agus càit an dèan am poileas nas fheàrr. Faodar a leughad tro Ionad Conaltraidh Poileas Alba gu h-àrd. Cha bu chòir seo a chleachdadh airson cunntas a thoirt air eucoir. Bithear a’ sgrùdadh fhreagairtean gus cuideachadh le cumadh a thoirt air an t-seirbheis a bheir sinn seachad.

Na meadhanan sòisealta

Tha grunn sheanailean nam meadhanan sòisealta gnìomhach ann a bheir fiosrachadh agus tuigse mu obair a’ phoilis, gu nàiseanta agus anns an sgìre ionadail agad. Gheibhear làn liosta de na cunntasan mheadhanan sòisealta air an làrach-lìn aig Poileas Alba.

Gheibhear na prìomh sheanailean nàiseanta againn aig:

Twitter: @policescotland agus @ScotPolAuth

Facebook: https://www.facebook.com/PoliceScotland/ 

Thoir fa-near nach eilear a’ cumail sùil air seanailean nam meadhanan sòisealta 24/7 agus cha bu chòir an cleachdadh gus innse mu eucoir. Cuir fòn gu 999 ann an cùis èiginn.

Com-pàirteachadh in-ghabhalach agus ruigsinneach

Bidh sinn ag amas air ruigsinneachd agus in-ghabhaltachd a chur an-sàs aig na seirbheisean againn gus am bi iad ceart airson a h-uile duine.

Bha an obair seo fo umhail do Mheasadh Buaidh Co-ionnanachd is Chòraichean Daonna, agus do Mheasaidhean Buaidh eile mar a b’ iomchaidh.

Bidh an sgrìobhainn seo ri fhaighinn ann an diofar chruthan air iarrtas.

Cuiribh fios thugainn

Cuir fòn gu 999 ann an cùis èiginn.

Air fòn – 101 airson cùisean neo-èiginneach (+44 (0) 141 308 1070 ma thathar a’ gairm taobh a-muigh na RA. Faodaidh cosgaisean lìonraidh a bhith an sàs).

Bidh comhairlichean seirbheis Poileas Alba a’ caitheamh mòran ùine gach latha a’ freagairt fiosan air cùisean nach eil an urra ris a’ phoileas. Feuch an cleachd sibh làrach-lìn Poileas Alba gus dèanamh cinnteach gun cuidich Poileas Alba le ur cùis neo-èiginneach.

Air loidhne – a’ cleachdadh ar foirm Cuir fios thugainn airson gnothaichean nach eil trom-chuiseach: https://www.scotland.police.uk/contact-us/ 

Aghaidh ri aghaidh – gheibhear fiosrachadh mu uairean fosglaidh Stèiseanan Poilis agus Cunntairean Poblach air an làrach-lìn againn no le bhith a’ cur fios thugainn

Text Relay - 18001101 airson daoine a tha bodhar, no a tha air bheag claisneachd no cainnte

Seirbheis Mìneachaidh Bhidio (VRS) na h-Alba airson Cànan Soidhnidh

Bhreatainn (BSL) – a’ dèanamh conaltradh comasach leis a h-uile buidheann phoblach agus buidheann treas roinne ann an Alba. Faodaidh luchd-cleachdaidh BSL fios a chur thuca gu dìreach aig https://contactscotland-bsl.org 

Ann an sgrìobhadh –

Ùghdarras Poileas na h-Alba: 1 Pacific Quay, Glaschu, G51 1DZ

Poileas Alba: gu Bocsa PO 2460, Dalmarnock, Glaschu, G40 9BA


Related Content

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Priorities for Policing

Published: 20 November 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing (2023/26) - 25 May 2023

Published: 26 July 2023

Green icons showing 7 inter-connected circles.

Joint Strategy for Policing 2023 - Policing for a safe, protected and resilient Scotland - Accessible

Published: 20 November 2023