Tha Ùghdarras Poileas na h-Alba (an t-Ùghdarras) air am Plana Gàidhlig airson 2023 gu 2028 fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin 20 Giblean).
Tha an sgrìobhainn a’ mìneachadh mar a chuidicheas an t-Ùghdarras, mar bhuidheann poblach, gus seasmhachd a chruthachadh don Ghàidhlig ann an Alba san àm ri teachd. Is iad àrd-amasan an Ùghdarrais thar nan còig bliadhna a tha romhainn:
- Bidh an t-Ùghdarras, is iad ag obair airson na pobaill, a’ brosnachadh beachdan luchd-cleachdaidh agus choimhearsnachdan na Gàidhlig gus fiosrachadh a thoirt don sgrùdadh aca air obair poileis agus cùisean poileis.
- Amalachadh trèanadh mothachadh Gàidhlig agus sgilean cànain ann an inntrigeadh is trèanadh Seirbheisean Corporra is Foireansach an SPA.
- Mar phàirt den chearcall leantainneach de riaghladh is àrd-shealladh air obair poileis, nì an t-Ùghdarras sgrùdadh air na tha obair poileis a’ cur ri lìbhrigeadh a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig ann an seisean poblach.
- Stèidheachadh buidheann leasachaidh is buileachaidh plana Gàidhlig le àrd-riochdairean bho gach gnìomh SPA a’ gabhail a-steach Seirbheisean Foireansach.
Thuirt Ceannard Ùghdarras Poileis na h-Alba Lynn Brown:
“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de shòisealtas agus cultar na h-Alba agus tha an t-Ùghdarras an geall air taic a chumail ri adhartachadh agus aithneachadh mar phàirt de ar dualchas agus mar chànan beò. Tha an dàrna eagran den Phlana Ghàidhlig againn ag amas air taic a thoirt do lìbhrigeadh nan amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig agus gus na dleastanasan a tha air am mìneachadh ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a choileanadh.
“Bha an t-Ùghdarras a’ sireadh fios air ais bhon luchd-ùidh againn, bhon luchd-obrach agus bhon phoball agus tha seo air a thoirt a-steach don dreach den phlana a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Tha am plana a’ stèidheachadh amasan a ghabhas coileanadh a rèir nam prìomhachasan gnìomhachais againn agus tha e ag amas air tuigse agus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh taobh a-staigh na buidhne againn.”